Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, thèid cùis a’ phàighidh gu rèidh. Gu mì-fhortanach, ann an cuid a chùisean, dìreach air sgàth ’s gun cuir sibh fàirdeal, chan eil sin a’ ciallachadh gu bheil pàigheadh cinnteach. ’S e an rud as fheàrr cumhachan pàighidh aontachadh on toiseach, gus am bi fios aig custamairean gu dìreach cuin a bhios pàighidhean ri phàigheadh o cheann-latha an fhàirdeil.
Rud eile air am feum sibh sùil a thoirt ro-làimh is e mar a chuireas sibh am fàirdeal chun a’ chustamair. Dh’fhaodadh gur e an t-adhbhar nach deach pàigheadh a dhèanamh dìreach nach d’ fhuair iad e, agus mar sin feumaidh sibh aontachadh mus solair sibh bathar no seirbheisean an cuir sibh am fàirdeal sa phost, air facs no air post-d. Ma chuireas sibh air post-d e, feumaidh sibh smaoineachadh a bheil sibh airson gun cuir an custamair ainm ris an fhàirdeal no nach eil. Ged nach eil an ceum seo riatanach, chan urrainnear a dhèanamh gu dealanach agus mar sin cha bhiodh an roghainn seo comasach.
Beachdan
Chan eil beachd ann fhathast.