Invoice Creator
Gàidhlig
Luchdaich a-nuas an-asgaidh
Dachaigh / Artaigilean / Fàirdealan

Fàirdealan – Pàirt 2

Dè am fiosrachadh a bu chòir a bhith air fàirdeal?

An toiseach is gu h-àraidh, bu chòir am bathar air a bheil sibh a’ cur fàirdeal a bhith air a liostadh fa leth air an fhàirdeal, le suim iomlan airson a’ bhathair gu lèir aig an deireadh. Dèanaibh cinnteach gun toir sibh ainm air a’ bhathar mar as aithne don chustamair e air na fàirdealan, agus na cuiribh àireamhan òrduigh factaraidh troimh-chèile orra a ghnàth. Chan fheum e ràdh gum feum sibh ainm na companaidh agaibh a chur air an fhàirdeal.

A thaobh ur fiosrachaidh fhèin, feumaidh sibh cuimhneachadh cuideachd air seòladh na companaidh, àireamh na companaidh, ur n-àireamh fòn agus fiosrachadh conaltraidh iomchaidh eile. Tha fiosrachadh a’ phàighidh glè chudromach, agus feumaidh sibh cuimhneachadh innse don chustamair agaibh ma tha iarrtasan pàighidh sònraichte ann, mar eisimpleir ma tha an seòladh puist-d PayPal agaibh eadar-dhealaichte o sheòladh puist-d ur gnìomhachais.

A thaobh fiosrachadh a’ chustamair, faodaidh sibh na h-uiread no cho beag de dh’fhiosrachadh na companaidh a chur air ’s a thogras sibh, ach gus an tèid am fàirdeal a leantainn nas fhaide air adhart, feumaidh sibh dèanamh cinnteach gu bheil co-dhiù ainm clàraichte na companaidh air. Cuidichidh àireamh na companaidh cuideachd ma tha i agaibh.

Beachdan

Chan eil beachd ann fhathast.